Runrig Lyrics
"Abhainn an t-Sluaigh"

5.0 / 5
1 reviewers
Do you like this song?
(click stars to rate)
save!
my lyricsbox
Chan eil an t-adhar os cionn Lunnainn
A-nochd soilleir no dorch
Fada bho abhainn an t-sluaigh
Gun sgial air coinneal mòr latha
No reultan na h-oidhche
Fada bho abhainn an t-sluaigh
An seo s'am baile gun chadal
Gun fhois is gun saorsa
Fada bho abhainn an t-sluaigh

Casan a' gluasad an abhainn an tuil
Fada bho abhainn an t-sluaigh
Na cuibhlichean 's cabhaig
A tionndaidh gun sgur
Fada bho abhainn an t-sluaigh
Cus ag adhradh beairteas
Air altair an t-shaoghail
Fada bho abhainn an t-sluaigh
Càch gun dochas gun dachaidh
Air sràidean gun ghaol
Fada bho abhainn an t-sluaigh
Leis gach dath 's gach creideamh
gach cainnt is gach ceàrn
Fada bho abhainn an t-sluaigh
Gach ceist is gach freagairt
Sìos an abhainn gu cuan
Fada bho abhainn an t-sluaigh
This song is from the album "The Big Wheel", "The Gaelic Collection", "Best Of Runrig", "Essential" and "Scotland's Glory".